Iasgair-mara

’S e an dòigh iasgaich aig an t-sluagh-mhara gun sealg iad na h-èisg a-steach dha tàbhan mòra far am buail iad orra le steabhagan air a bheil cruth coltach ri ràimh gus am marbhadh. Nuair a dh’fheuch iad ri seo an aghaidh shaighdearan, fhuair iad a-mach gu bheil seo glè èifeachdach; tha a’ mhòrchuid dhe na creutairean a dh’fhuiricheas air an tìr caran cearbach nuair a bhios iad ’nan seasamh ann an uisge a ruigeas am meadhan is ’s gann gur urrainn dhaibh gluasad gu ceart nuair a bhios iad glacte ann an tàbh.
Bhon a bha an cleas seo cho èifeachdach, leasaich an sluagh-mara e is nì iad tàbhan le cuideaman a ghabhas tilgeadh tron adhair; chan eil feum sam bith annta airson iasgaich ach tha iad glè fheumail gus sabaid no gus sitheann a thig ro fhaisg air an uisge a shealg. Cha do dh’atharraich iad cruth nan steabhagan iasgaich aca oir tha iad marbhtach gu leòr mar a thà.
Aire sònraichte: Tha an t-aonad seo comasach air maille a thoirt air a nàimhdean gus nach bhith ach leth-phàirt den astar is dochann ionnsaighe aca gu deireadh na cuairte.
Information
Àrdaichidh e bho: | Sealgair-mara |
Àrdaichidh e gu: | Amailear-mara |
Cosgais: | 27 |
PB: | 40 |
Gluasad: | 7 |
PE: | 80 |
Level: | 2 |
Co-thaobhadh: | dligheach |
ID | Merman Netcaster |
Comasan: |
Ionnsaighean (damage - count)
![]() | steabhag dlùth | 6 - 3 bualadh | |
![]() | tàbh astar | 9 - 2 bualadh | maille |
Comasan-seasaimh
![]() |
lann | 0% | ![]() |
bioradh | 0% | |
---|---|---|---|---|---|---|
![]() |
bualadh | 0% | ![]() |
teine | 0% | |
![]() |
fuachd | 20% | ![]() |
dìomhair | 0% |

Cruth-tìre
Cosgais ghluasaid | |||
---|---|---|---|
Cruth-tìre | Dìon | ||
![]() |
Badan balgain-bhuachair | 3 | 20% |
![]() |
Baile | 1 | 40% |
![]() |
Beanntan | - | 0% |
![]() |
Boglach | 1 | 60% |
![]() |
Caisteal | 1 | 40% |
![]() |
Cnuic | 5 | 30% |
![]() |
Coille | 5 | 30% |
![]() |
Do-choiseach | - | 0% |
![]() |
Gaineamh | 2 | 30% |
![]() |
Reòite | 2 | 30% |
![]() |
Riof cladaich | 2 | 70% |
![]() |
Rèidh | 2 | 30% |
![]() |
Tanalach | 1 | 60% |
![]() |
Uamh | 3 | 20% |
![]() |
Uisge domhain | 1 | 50% |